Skip to main content

‹‹‹ prev (165)

(167) next ›››

(166)
144 FOLK TALES AND FAIRY LORE.
mhaith,'' ars an Tàillear. " Tha mi air mo rathad o'n
t-Sithean Mhor gus an tigh air thoiseach ort, a
dh' fhaotainn tacain de bhainne-ciche bean-an-tighe,"
fhreagair an gàrlaoch crìon. B'e so a' cheart tigh
gus an robh an Tàillear a' dol. " Agus gu de nl thu
ri leanabh na mnatha fein," ars e an sin. "U!
cuiridh mi mach e do mo mhuinntir air uinneig-chCiil
an tighe agus bheir iad-san leò e do'n àite againne,"
fhreagair am fear eile. " Agus an cuir iad dachaidh
e an uair a gheibh thusa do leòir de bhainne-clche a
mhathar?" "U! cha chuir, cha chuir tuilleadh."
" NÌ sin an gnothuch," ars an Tàillear, agus leig e
as a phriosanach.
Cho luath is a fhuair e comas a choise, shin e as
dh' ionnsaidh an tighe, agus bha e stigli mu'n d' ràinig
an Taillear. Bha an tigh aige dha fein, oir bha fear-
an-tighe agus a bhean anns a' bhàthaich a' leigeil a'
chruidh, agus gun duine stigh ach an leanabh anns a'
chreathall. Thog e an leanabh 'na ghàirdeanaibh, agus
shin e mach e air an uinneig-chùil, mar shaoil
e, do na sithbhrich eile. Ach bha an Taillear
rompa, agus ghabh e gu sàmhach an leanabh
'na ghairdeanaibh, agus dh'fhalbh e leis gu tigh
peathar dha a bha goirid as, agus dh' fhàg e air a
cùram e.
An uair a thill e, fhuair e a' bhean air thoiseach air,
agus an tàcharan anns a' chreathall, an impis sgainidh
ag caoineadh. Thog a' bhean e, thug i dha deoch,
agus an sin chuir i air ais e anns a' chreathall. Cha
robh e fada an sin an uair a thòisich e air glaodhaich
is air caoineadh a ris. Thog i e, agus thug i dha
deoch eile. Ach a reir coltais cha'n fhoghnadh ni leis
ach a bhi air a fhagail an còmhnuidh air a' bhroilleach.
Chaidh a' chluich so air a h-aghaidh fad beagan làithean
eile. Ach air do fhoidhidinn an Tailleir ruith a mach,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence