Skip to main content

‹‹‹ prev (153)

(155) next ›››

(154)
AONGHAS MOR THOM NA H-IUBHRAICH
AGUS NA SITHICHEAN.
Bha Aonghas Mor 'na chiobair air baile làimh ri Tom
na h-Iùbhraich an Inbhir Nis. Air feasgar
ceòbanach fliuch, agus e a' tilleadh o chuartachadh a'
mhonaidh, bha leis gu'n cuala e, a' tighinn a mach
a creig laimh ris a' cheum air an robh e ag imeachd,
guth coltach ri guth nighinn òig a bha e r'a pòsadh
air an oidhche sin fèin. Sheas e agus dh'eisd e, an
diiil gu'n cluinneadh e an guth ceudna rithist.
Chuala e an guth ach cha'n fhaca e coltas
na h-inghine, no àite an aodann na creige anns
am b' urrainn di bhi am folach. A' smuainteachadh
an sin gu'm b' e guth mhic-talla a chuala e, chum e
air a cheum gus an deachaidh e timchioll sròn na
creige. Bha tolman bòidheach, uaine roimhe, agus
cho luath is a thainig e 'na shealladh, chunnaic e an
dorus fosgailte agus solus a' tighinn a mach mar solus
an la an soillearachd, agus chuala e an ceòl bu bhinne
a thig no a thainig, agus farum dannsaidh a
stigh. Dh' èalaidh e dh' ionnsaidh an doruis,
stob e a bhiodag anns an ursainn, agus thug e caol-
shiiil a stigh do'n t-Sithean. B' ann an sin a bha an
sealladh. Fir agus mnathan sithe 'nan cròilein air
meadhon an ùrlair ag cuibhleadh is a' dannsadh le mire-
chuthaich. Ach cha robh mir de'n nighinn r'a fhaicinn.
Sheas e far an robh e gus an d' thainig bean-shithe a
mach, agus an deachaidh i dh' ionnsaidh uillt a bha

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence