Skip to main content

‹‹‹ prev (151)

(153) next ›››

(152)
130 FOLK TALES AND FAIRY LORE.
uair a chuala e a' ghàir cheudna an treas uair, thuig
e gu'm b' ann o na sithichean a thàinig e; agus
ghlaodh e cho àrd riu fhein: "Agus cuid dhomh-sa
dheth cuideachd." Air ball sguir a' ghàir, agus an
sin dh'iomain e 'n crodh chum na buaile.
Bha na banaraichean 'gam feitheamh, agus ioghnadh
orra gu de a ghlèidh iad cho fada. Thòisich iad air
am bleoghainn; ach mu'n d'fhuair iad an leth seachad,
cha robh soitheach air a' bhuaile nach robh ag cur
thairis le bainne. Cha b' urrainn iad a thuigsinn
ciamar a dh' fhas am bainne cho pailt ann an iiine cho
goirid; mu dheireadh, thòisich iad air an t-sld a
mholadh agus a radh gu 'm b' i a b' aobhar do'n
phailteas.
Dh' eisd mac an tuathanaich gu foidhidneach ris
gach ni a chuala e, ach thubhairt e ris fein nach robh
am bainne cho pailt anns na h-uile baile 's a bha air
a' bhaile aca-san an latha sin, agus nach bitheadh e
cho pailt an sud cuideachd, na'n do leig esan leis na
sithichean, an uair a bha iad 'ga tharruing g'an
ionnsaidh anns a' choire.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence