Skip to main content

‹‹‹ prev (42)

(44) next ›››

(43)
Bu mhilse leam do phòg.in
Na fion 'ga òl a cuachan.
Horo ! tha mi, &c.
Sùil chorrach is glan lionadh
Fo'n mhalaidb a dh'fhàs sìobhalt' —
Deud shnaighte mar na dìsnean
'S a' bheul o 'm biun' thig duanag.
Horo ! tha mi, &c,
'S iomadh maighdean bhòidheacli,
Le siod' orra mar chòmhdach,
A dh'fhalbhadh leat gu deònach,
*S a chuireadh òr ad f huasgladh.
H oro ! tha mi, &c.
Na'n tugte bh' uainn le h-eucoir thu
Gur h-ioma fiue 'dh'èireadh leat —
Clann-Alasdair na'n geur-lann,
Nach gèileadh d'an luchd fuatha.
Horo ! tha mi, &c.
Thig Caimbeulaich a's Leathanaich—
Thig Dòmhnullaich gun athadli ort —
Ancòmhlan treubhach, fearail,
Nach bu mheata 'chur na ruaige.
Hoio ! tha mi, ìvc.
An raoir air mo leabaidh dhomh,
'S ann chunnaic m ia'm' aisiing thu —
Aii' dùsgadh anns a' mhaduinn dhomh,
Mo chreach gu'm b' Ihada bh' uam thu.
Horo ! tha mi, &c.
'S beag ioghnadh mar a tha mi,
Gach latha 's oidhche ciàiteach,
A' cuimhneachadh na dh'fhàg sinn,
Fear àrd an leadaiu dualaich.
Horo ! tha mi, &c.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence