Skip to main content

‹‹‹ prev (33)

(35) next ›››

(34)
ORAN DO 'N MHISG.
Le A. Dugliallach.
'An àm dhomh glnasad anns a' mhaduinn,
Cha'n 'eil m' aigne sunndach ;
'Se mac-na-bracha 'iinn mo leagadh
Ann an leabaidh dhìiinte ;
Mo chUabh 'na lasair. air a chasadh,
'S airsnealach mo dhiisgadh,
'S e sud an gleachdair fhuair fo smachd mi,
*S dh' f hàg e m' aisnean briàite.
'N uair a shuidh sinn 's an tigh-òsda,
Chaidh na stoip thar chunntais,
Gu tric a tighinn, cha bu ruighinn
lad na 'n ruith a m' ionnsuidh,
Gun iarraidh dàlach ach sior phàigheadh,
'G òl deoch-slàinte 'Phrionnsa;
'S cha 'n iarrainn fèin a dh' aobhar ghàir'
Ach Raoghall a' toirt cHii dhomh.
Nuair a ghluais mi gu tighinn dachaidh,
Lagadh a chion lùith's mi,
Gun d' f halbh mo neart, gun leursainn cheart,
Gu'n d' chaiU mi 'm beaehd bha m' shìiihbh ;
Feadh na h-oidhche 's mi gun soillse,
Air mo shlaoichd 's an dùnan;
Cha robh air chomas domh ach àrrusg
'S bha mo chàirdean diombach.
'S leur dhomh 'n diugh gur mòr an tàmailt
Càch a bhi ga m' ghiìilan,
'Smi fèin 'an duil gun robh mi làidir
Gus an d' fhàg mo thùr mi ;
Ged a chuir i 'n èis mo cholunn
'Se mo sporan 'dhioghail
Air gniomh na misg' a mhiU gun fhios mi,
Mar d' thig ghocas ùr dhomh.
'S olc an ealainn bhi 'ga leanailt,
'S amaideach an tiìrn 'bhi

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence