Skip to main content

‹‹‹ prev (6)

(8) next ›››

(7)
FILIDH .^AM BEANN.
ORAN DO CHEILE NUADH PHOSDA.
Le D. B. MaC'un t- Saoir. \
A Mhàìi'i bhàn òg 's tu 'n òigh th' air m' aire
Ri m' bheò bhi far ani bith'un fhèiu ;
O 'n f huair mi ort còir cho mòr 's bu mhaith leam,
Le pòsadh ceangailt' o 'n chlèir ;
Le cumhnautan teann, 's le banntaibh daingean,
Le snaom a dh'f hanas, 'snach treig :
'S e t' fhaotainn air làimh le gràdh gach caraid
'Rinn slàiute maireann a'm chrè.
'N uair bha mi gu tinn 's mi'n cinnseal leanuaiij,
Gun chinnt co 'theannadh rium f hèin,
'S ann chuuna' mi 'n òigh aig bòrd tigh-leanna,
'S bu mhòthar, ceanalt' a beus ;
Thairuing mi suas riih' 's f huair mi gealladh
O'n ghruagaich bhanail bhi'm rèir ;
'S mise bha aobhach t' fhaotaiun mar rium, *
'S crodh-laoigh a' 13 harain a'd' dhèigh.
Maduinn Di-luain, ge buan an tslighe,
'N uair ghluais mi, ruithinn mar ghaoth,
A dh'f haicinn mo luaidh, 's rud uainn 'n ar dithìj
Xach dual da rithis gu'n sgaoil :
Thug mi i 'n uaigneas uair a bhruidhinn,
'S ann f huair an nighean mo ghaol ;
A's chluinneadh mo chhias an fhuaim a bhitheadh
Aig luath's mo chridhe ri m' thaobh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence