Skip to main content

‹‹‹ prev (51)

(53) next ›››

(52)
48
laidibh a cheile, agus gu bheil f hios aca ciod
an dòigh air an nochd iad an comh-fhulangas
so. — Air uair àraidh thuit nead aoin diubh o
oisinn na h-uinneig san do thogadh i. Cha bu
luath a chunnaic a' chuid eile dhiubh so, na
chruinnich iad cuideachd, agus ann an ùine
ro-ghoirid thog iad nead eile sa' cheart àit anns
an robh a' cheud nead. Air uair eile chaidh
gealbhonn a steach do nead a' ghobhlain-
ghaoithe 'nuair bha i air falbh a"* solair lòin di
fèin, agus air dhi pilltinn chum a nid, shàs an
gealbhonn oirre, agus cha leigeadh e steach i.
Bha an gobhlan-gaoithe air a feargachadh leis
an ni a chaidh dheanamh oirre, agus air dhi a
chur an ceill do cliàch, thàinig iad ann am
mòr-àireamh le crè 'nan guib, dhùin iad suas
an toU a bha san nead, agus dh'' fliàg iad an
gealbhonn an sin gu bàsachadh a dhìth bìdh
agus àile.
Sna sgrioptuiribh tlia iomradh gu minic air
a dheanamh an* a' ghobhlan-ghaoithe. 'Nuair
a mhiannaich Daibhidh còmhnuidh a ghabhail
ann an teampuU De, tluibhairt e, *' Fhuair
eadhon an gealbhonn tigh, agus an gobhlan-
gaoitlie nead di fein anns an cuireadh i a h-
àlach, eadhon t'altairean-sa, a Thighearna
nan slògh." Ann an leabhar nan gnàth-
f hocal sgriobh Solamh air an dòigh so ; " Mar
eun air faondradh, mar an gobhlan-gaoithe ag
itealaich, mar sin cha tig am mallachadh gun
aobhar.'" Leis na briathraibh so tha Solamh a'

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence