Skip to main content

‹‹‹ prev (45)

(47) next ›››

(46)
ach lc aireamh mhòr do chuileagaibh bhi n
cluich agus ri mire, ''nuairabhi iad ag itealaich
o aon diubh gu h-aon eile. Bha mac aig an
tuathanach a chleachd bhi toirt fa'near giulan
nan creutairean so. Bha iongantas air gu'n
robh dealachadh co mòr eadar an dòigh anns
an robh na seangain agus na cuileagan a' teachd
beò ; agus air dha bhi ro òg agus air bheag
eòlais, labhair e aon là ri 'athair air an dòigh
so, " Am feud creutair air bith bhi cho baoth
ris na seanganaibh so ? Rè an là tha lad ag
oibrcachadh gu goirt, anàitebhiri cluich agus
a' gabhail suaimhneis dhoibh fein mar na
cuileagan, a ta, a reir coslais, ni''s sona na creut-
air air bith eile fo^n ghrèin.
Ann an ùineghoirid an deigh dha so a labh-
airt, dh'fhàs an aimsir fuar. Is gann a blia a'
ghrian a' deah'adh air feadh an là, agus bha
reodha agus fuachd an coisna h-oidhche. Air
do'n òganach cheudna bhi 'g imeachd sa' ghàr-
adli cha'n fhac e aon do na seanganaibh, ach
chunnaic e na cuileagan 'nan luidhe an so agus
an sud, — cuid diubh cheana marbh, agus cuid
eile air ti bhi marbh. Airdha bhi teo-chridh-
each ghabh e truas do na cuileagaibh, agus
dh' fheoraich e ciod bu dol do na seanganaibh
a chunnaic e san àite cheudna. Fhreagair
'athair e, "Tha na cuileagan marbh, do bhrìgh
^•^^1 robh iad gun chùram, agus nach do
tliaisg iad lòn doibh fèin fa chomhair an
f luiachd ; ach tha na seangain, a bha dichioll-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence