Skip to main content

‹‹‹ prev (39)

(41) next ›››

(40)
niise bàs, agus an sin adhlaicear mi. Gu'n
deanadh an Tighearna mar sin ormsa, agus
tuille mar an ceudna ma chuireas ach am bàs
dealachadh eadar mise a";us thusa."
AM FITHEACH.
Tha am fitheach 'na eun làidir agus garg :
"■Se isàite-còmhnuidh dhaàrd-mhonadh, far am
bheil pailteas do eunlaith agus do sprèidh g'a
chumail suas. Cosmhuil ris an iolair tha am
fitlieach a"" teachd beò air eoin bheaga, air uain,
agus, feadh a' gheamhraidh, air cairbh bheath-
aichean tlia faotainn bàis le pìàigh, le fuachd,
no le gorta. 'Se an t-sùil a' cheud ni air am
bheil am fithcach a"* toirt ionnsuidh 'nuair tha
e ""g iarraidh cobhartaich ; agus tha e gu minic
a' dalladh chaorach le a sgiathaibh, agus an sin
a' spìonadh a mach an sùilean, agus Vam
marbhadh. Bha an cleachd so aig Solamh 'na
bheachd, 'nuair a thubhairt e, " An t-sùil a ni
magadh air athair, agus a ni tarcuis air umh-
lachd cra mhàthair spìonaidh fìthich a' ghlinne
mach i, ao-us ithidh na h-iolairean òfra suas i.""
MU BHREUGAIBH.
An ti a ni olc pillidh e air a cheann fèin,
agus esan a threigeas an f hirinn, cha toir neach
air bith creideas da. Bha e 'na chleachd aig
òganach a bha V ionaltradh treud 'athar sa'
mhachair bhi 'g eigheadh gu h-àrd gu''n robh
madadh-alluidh am measg nan caorach. Bha

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence