Skip to main content

‹‹‹ prev (35)

(37) next ›››

(36)
o àite-còmhnuidh dhaoine ; agus an uair a
bheir i a mac a h-àl, altrumadh i iad le pail-
teas do shithionn. Marbhaidh i cearcan-
fraoich, agus uain, agus air uairibh caoraich
air an son, agus cha leig i dìth ni air bith
orra gus am fàs iad làidir agus comasach gu
solar air an son fein. Mairidh an iolair beò
gus am bi i dlùth air dà cheud biiadhna.
Tha seòl aice air a cloimh a thilgeil 'nuair tha
i fàs trom agus mall, agus air an dòigh so tha
i ""ga neartachadh fein mar gu'm pilleadh a h-
òige a rìs. ""Se so tha an Sahnadair a"* ciallacli-
adh Viuair tha e 'g ràdh " Gu'n sàsuich maitheas
an Tighcarn beul an duine, air chor is gu'ji
ath-nuadhaichear 'òige mar òio-e na h-iolaire.""
MU CHREIDIMH ABRAHAIM.
Chum creidimh Abrahaim a dhearbhadh,
dh' orduich Dia dha a mhac Isaac a ghabhail,
agus a thoirt suas mar ìobairt-loisgte ann an
tìr Mhoriah. Ged bha gràdh mòr aig Abra-
ham d'a mhac, agus ged bha e ro-dhoihch a
làmh a thogail ""na agliaidh, cha do chura so e
o bhi urahal do thoil De. Chaidh e dh' ionn-
suidh an àite a dh'orduich Dia dha, agus
thug e leis fiodh agus teine chum Isaac a
thoirt suas mar ìobairt-loisgte ; ach an uair a
cheangail e a mhac air an altair, agus a shìn e
mach a làmh g'a mharbhadh, ghlaodh aingeal
an Tighcarn ris, " Na dean cron air a"* ghille,
oir tha mi fiosrach mì bheil eao^al De ort, do

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence