Skip to main content

‹‹‹ prev (31)

(33) next ›››

(32)
28
Agus do bhrìgh nach 'eil iad an còmhnuidh a'
leigeil an taice ris-san ataa mhàin comasach
air an cumail suas, agus do bhrìgh nach 'cil
toil aca, ann an àrdan an inntinn, bhi ùmhal
dhasan a chruthaich iad, tha e 'gam fàgail
''nan creich do aineolas agus do dhoiìle inntinn.
Uime sin.is còir do gach òganach guidhe gu
dùrachdach air Dia gu'n tèarnadh se e o gach
barail fhaoin agus chealgaich mu thimchioU a
neirt fein ; gu'n stiùradh se e air an t-sHghe
tha treòrachadh chum sonais shìorruidh, agus
gu''n tugadh e gràs agus comhfhurtachd dha
ann an là a thrioblaid g'a neartachadh agus g'a
chumail suas.
(Q.) Is còir do gach neach là na sàbaid a
naomhachadh, agus a bhi bunailteach "*na fhrith-
ealadh do'n Eaglais. Gun teagamh tha e fìor
nach 'eil gach neach tha cùramach mu dhol
do'n Eaglais an còmhnuidh maith ; ach tha e
fìor mar an ceudna gu bheil iadsan tha fuireach
air an ais o'n Eaglais am bitheanta olc agus mi-
dhiadhaidh. Cha'n 'eil so 'na aobhar iongantais;
oir dh'orduich Dia dhuinn seirbhis a dheanamh
dha 'na thigh-aoraidh, agus ma bhitheas sinn
eas-umhal da sa' cimis so, bithidh sinn eas-umhal
da anns gach ni eile tha e'g orduchadh dhuinn,
"'nuair a thig buaircadh làidir 'nar rathad.
Agus a thuille air sin "'se a"* chrioch a ta againn
san amharc, le bhi dol do'n Eaglais, eòlas f haot-
ainn nir ar dleasdanas do Dhia aojus dhuinn

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence