Skip to main content

‹‹‹ prev (26)

(28) next ›››

(27)
23
(M.) MU STlll LAGHAIL.
A mhic mo rùin, bi dìchiollach san inbhe
agus san dreuchd a chaidh shonrachadh dhuit
leis an Ti a's àirde. Tog thu fèin o'n duslach
as an deach do dhealbli, agus thoir oidhearp
air beartan chùiteach a chur an gnìomh. Seaìl
air a"* chraxDÌbh a tha sgaoileadh a mach a
meanglain chum nan nèamh ; cha robh innte
air tùs ach freumh mhaoth a bha air a crath-
adh leis a' ghaoith, agus air a luasgadh leis an
doinionn. Amhairc a nis air a h-àirde, agus
fòghhim a bhi dìchiollach anns a"* gìiairm san
do ghairmeadh thu, chum gu'm fàs thu mòr,
agus gu'n tig thu gu chù agus urram. Tog
thu fèin gu staid àird agus dean dìchioll a bhi
os ceann do chompanaich ann an gliocas, an
subhailceas, agus an deadh-bheusan.
Gidheadh thoir fa'near nacli gabh thu farm
ad ris a"* mhuinntir a bhios ni's cUùitiche agus
ni's urramaiche na thu fein, agus nach bi tnù
cCd'' chridhe an aghaidh el chompanaich a dh''
fhàgas thu sa chò-ruidh. An àite sin biiihch
gu ceart na ceudfaithean a thug Dia dhuit ;
gnàthaich cumhachdan t'inntinn air nithibh
chùiteach agus ionmholta ; agus dean strì riusan
a mhàin tha gluasad ann an eagal agus ann an
seirbhis an Tighearna. Na cuir ceap-tuishdh
'na rathad-san tha comhstri riut ; na !uir grab-
adh air 'nuair tha e buadhachadh ort; ach thoir
oidhearp an còmhnuidh bhi co-ionnan ris ann
an cliù, agus a bhi os a cheann ann an gnìomh-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence