Skip to main content

‹‹‹ prev (24)

(26) next ›››

(25)
•2J
bheirear macliiad le eoin eile, An toiseach an
t-samhraidh seallaidh i mu'n ciiairt di air son
nid a' ghealbhoin, no an uiseig, agus an uair
a gheibh i an nead falamh, beiridh i ubh
innte, agus fàgaidh i an sin e gun tuille
cùram a ghabhail deth. Tha an t-eun do'm
buin an nead a' gur air ; agus 'nuair thig an
t-àl a mach, tha a' chuag òg a' fàs suas, agus
a' cur as do na h-eoin bhig eile, agus air an
dòigh sin a"* faotainn na nid, agus cùraim nam
pàranta di fein gu h-iomlan. Le lagh nan lu-
dhach bha a' chuag air a meas neo-ghlan, agus
air an aobhar sin bha e neo-laghail dhoibh
a h-itheadh.
(L.) Bheir am bàs air falbh clann òg co
maith ri seann sluagh ; agus cha'n 'eil f hios
aig aon cia cho luath 'sa thig crioch air a làith-
ibh. B'aithne dhomh nighean òg a fhuair bàs
mun robh i dà bhhadhna dheug a dh'aois.
Bha i an còmhnuidh a' ghiasad ann an eagal
an Tighearna. Shuidhich i a dòchas air fir-
eantachd an t-Slànuighir, agus dh'fhàg si i
fein gu h-iomlan an taice ris. Ghuidh i gu
minic agus gu dùrachdach gu'n gleidheadh
Dia i o gach olc, agus -gu'n stiùradh e i le a
spiorad naomh ; gu'n tugadh e gràsagus neart
di gu 'thoil a chur an gniomh, agus aig uair
a bàis gu'n saoradh e i o eagal agus o
eu-dòchas, agus gu'n gabhadh e a h-anam d'a
ionnsuidh fein.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence