Skip to main content

‹‹‹ prev (16)

(18) next ›››

(17)
13
34. Tha an gaisgeach mòr ann am meud,
agus treun ann an neart. Tha an gealbhonn a'
deanamh a nid gu minic ann an tulachainn
thighean. Am bheil e gealltainn gu'n dean e
mar a dh'orduich thu dha .? Giorraichidh craos
làithean mhic an duine. Ghnàthaich do bhràth-
air maith a dheanamh, agus maitheanas a
thoirt dhoibhsan a pheacaich 'na aghaidh.
Gràdhaich do choimhearsnach, agus dean
iochd air an duine fheumach. Bithidh an duine
iochdmhor baigheil r'a ainmhidh. Na laimhsich
duais an uilc, agus na siubhail air shghe an
aingidh. Chrioslaich an saighdear a chlaidh-
eamh agus a bhiodag air. Tha an leanabh
luaineach agus crosd. Luchdaich an t-each,
agus siubhail leis gu grad. — M. T.d. ^3.
35. Gheibh an t-ionracan luigheachd o'n
Tighearn. Bha sl mhaighdean maiseach ri
amharc oirre. Tha duine miodalach mealltach
"*na chridhe. Chuir thu mi-dhreach air an
obair. Thug Dia leir-sgrios air Sodom agus
air Gomorrah. Tha an neamhnuid luachmhor.
Fhuair do charaid oighreachd le bàs bràthar a
mhàthar. Pairtich do chuid ris a' bhochd,
agus ris an fheumach. Cha sàsuichear an cridhe
sanntach. Chaidh an duine fhàgail gu saorsa
a thoile fein. Tha an rathad sleamhuinn. Bha
slabliruidh òir m'a mhuineal. Chuir iad spios-
raidh air. Thig an duine struidheil gu bochd-
ainn. Bha e tiamhaidh agus brònach air son an
B

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence