Skip to main content

‹‹‹ prev (33)

(35) next ›››

(34)
34 AN COMH-THREÒRAICHE.
Eirich aii- clo chasan, agus litrich an t-ainm a
bheir mi dhuit. " Seumas " : litrich am facal sin.
S - h - a - m - e - s. Cha dean sin an gnothuch.
Smaoinich a rithis air ; agus cuimhnich nach i
a' Bheurla Shasunnach a tha agad. Is beachd
leam nach ruig nio chomas air ; is nàr leam
aideachadh. Is e mo leisgeul nach d'fhuair mi
ionnsachadh. Clheibh thu ionnsachadh a nis ;
agus gabh ris.
Lùb mi an gàd so an de agus feumaidh mi a
th(jirt do'n chèardaich dh' fheuch an dean an
gobha dìreach e. Beairtich an t-each agus
bithidh mi a' fall)h air mo thurus. Tha an
t-each beairtichte cheana.
Cò tha tuineachadh 'sa Choire ghorm ?
Teaghlach de Chlann-an-tòisich. Tha bratach
air ceann aii tighe aca. An ann mar shanas a
chuir iad an àird e ? Is ann, tha mi a meas.
Tha an lòn-maidne gu blii deas, tha mi a'
^maoineachadh, agus is ann mar shanas do na
daoine a dhol dachaidh as a bhlàr-mhòna a
dh' àrdaich iad a' bhratach. Tha thu ceart : sud
thaH na daoine a' coiseachd chun an tighe.
Cha 'n fhiosrach mur feòraich.
Gleidheadh an t-sionnaich air na caoraich.
Cha robh coille riamh gun chrìonaich no
lìnn gun ubh-gluig.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence