Skip to main content

‹‹‹ prev (295)

(297) next ›››

(296)
284
Ann an Clachan an Dìseart,
'G òl fion air na maithibh.
Ann an, &c.
Bha Griogair mor ruagh ann,
Lamh chruaidh air chul claidhe.
Bha Griogair, &c.
Agus Griogair mor meadhnach,
Ceanna feadhn' air hichd tighe.
Agus Griogair, &c.
Mhic an fhir a Straith-hardail,
Bhiodh na baird ort a tathaich.
Mhic an fhir, &c.
'Sa bheireadh greis air a chlarsaich,
'S air an taileasg gu h-aidhear,
'Sa bheireadh, &c.
'Sa sheinneadh an fhithioll,
Chuireadh fiughair fo mhnathan.
'Sa sheinneadh, &c.
'Sann a rinn sibh 'n t-sitheann anamoch,
Anns a ghleann an bi 'n ceathach.
'S ann a rinn, &c.
Dh' fhag sibh an t-Eoin boidheach,
Air a mhointich na luidhe.
Dh' fhag sibh, &c.
Na starsnaich air fèithe,
'N dèigh a reubadh le claidhe.
Na 'n starsnaich, &c.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence