Skip to main content

‹‹‹ prev (257)

(259) next ›››

(258)
*Sa thainig an teachdair,
O losa g'a t-iarruidh,
Chaill sinn' ar cul-taice,
Chumadh 'reachd ruinn a's riaghailt ;
Ach na 'n cinneadh do nihac leinn,
Bha sinn ceart o laimh Dhia leis.
Ad dheigh-sa chunnaic mi 'm bruadai^
Dhuisg ]e iuathas gun dàil mi,
An còta bh air ni' uachdar,
Chi tigh'n a nuas na smàl diom ;
Do thigh mor ga shìor sguabadh,
'S craobh ga buain ann ad ghàradh,
Ghrad bhuail sud ain inntinn,
Gu 'n do chuimhnich am bàs ort,
Gu 'n do chuimhnich am bàs ortj
A ghraidh do na fearaihh,
'S tha do mhathair mu d' dheighinn,
Gun leirsinn gun seallamh,
Cha b' iongnadh dh' i ie'm sud,
B' ìir gleusd thu mur leanabh,
'S dh' f hag thu uile fo bhròn sinn,
'S chu duisgear ceòl ann ad thalla.
Cha duisgear ceoil ann ad chùirt-saj,
O 'n a rùisgeadh an uaigh dhuit,
'Sa thain' an teachdaire dàna,
Mar bha 'm bàs a thug buaidh ort,
Sud am propanach aluinn,
Chaidh aiins a chàs chrùaidh leis ;
'S 6 na bitheams' ri m' shaoghal !
Ann an teaghlach bu truaiglie.
'S lom a chì mi do làrach,
'n chaill sian ar n-uachdrain ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence