Skip to main content

‹‹‹ prev (237)

(239) next ›››

(238)
226
Tha mi air bheachd gii 'n seas mi ceart,
Ged bheir am parson cìs diom,
'S gu 'm paighinn daor air ràdh do ghaoil,
Na 'm fàrainn saor 'sa 'n tì so.
Gu 'm paighinn daor gu t-fhagail saor,
Mu 'n leiginn t-fhaodann' nàrach',
Air beula cuirt mur fhasan ùr,
'S nach robh e 'n rùn do naduir,
Cha n' eil mi 'n dùigh thu dhol na 'n luib,
'Mur d' thig a chuibhìe cearr oirnn,
'S ma chumas airgiod thù o chìs,
Gu 'n seas mi fhìn a' t-aite.
Gur fad a rachainn ann ad leithsgeulj
Gu do sheasadh chùiteach,
'S ghabhainn uile orm an seisein,
Gu d' leith-trom a ghiùlan,
'S ged chumadh iad mi ann gun lasadh,
Gus 'n atadh mo shuilean,
Mur diobair ceartas mi, cha 'n fhaicear,
Choidhch thu ac' fo mhuisig.
A Righ na n dul ! nach mi bha 's tu,
Dol fo na siùil a dh' Eirinn,
Na thir eile 's faide uainn,
Nach d' ruig air suaimhneas fheutainn,
"S truagh nach fhaicinnse bhi seoladh,
A's sinn air bord le chèile,
Gun duil a choidhch thigh'n air ar 'n eolas,
Gus 'n Roinn Eorp na dheigh sin.
Ach cia mur 's urrainn domh bhi beo,
*S cho mor sa thug mi spèis duit?
Na cia oiur dh' fhaodas mi bhi stoilte

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence