Skip to main content

‹‹‹ prev (196)

(198) next ›››

(197)
^85
Fhuair sibh roimhe ur diteadh,
O luchd ur mioruin gun cheartfts,
So an t-am dhuibh bhi dusgadh,
Thoirt ur duchas fein dachaidh,
'S ged 's fhad o 'n tha chuing oirbb,
Theid na Guimhnich f' ur casaibh.
'Nuair theid gach cinne ri cheile,
Eidear Sleibhte 'sa Cheapach,
Eidear Uithist a's Muideart,
'S Mac lain Stuairt na h-Apunn,
Bidh a Ghaidhealtachd uile,
Gu treun fuileach 'sa bhaiteal,
'S ged nach tigeadh na Guimhnich,
'S beag ar suim do *n phachd ud.
Sgrios le claidhe gun dearmud,
Air gach cealgaire breige,
Tha o dhuine gu duine,
Cuir bun anns an eucoir ;
Nis o 'n thainig an Rionnag,
Teannaibh uile ri cheile,
*S leibh clach mhuUach a chausaìr,
Anns gach aite g' a 'n d' theid sibh.
Bha 'n Sleanaileir gòrach,
Tigh'n a chomhrug na 'r n' aghaidh,
'S teann nach isHch e shron,
Ged thig e sporsail air aghairt,
Ach na 'n cumadh e chomhail,
Mur bha ordugh a claothair,
Bu lionar fear casaig,
Gun cheann, gun chasan, gun fhradharc.
Deanaibh cruadal a's misneach,
'S ann a nis a tha ^n t-am ann.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence