Skip to main content

‹‹‹ prev (55)

(57) next ›››

(56)
44
A leithid do mhurt cha robh 'n Albùinn,
Ged bu bhorb iad na 'm beus ;
*S bochd an sgeul eidear bhraithrean,
E dhol an lathair mhic De ;
Mur am bàt air an hngidh, ■ Uriiii Ofii
Ge b*e shireadh na dèigh ; . ' i/J ihh'
Cha d'thain' a leithid do mhitleadh,
Air ceann cinnidh fo *n ghrèiu.
Tha mulad air m' inntinn
Bhi *g innse' 'ur beus
'S ann a ghabh iad am fath oirbh
'Nuair chuaidh 'ur fagail leibh fein
'Sa chuir sibh cungaidh 'ur càsaibh,
Ann an Aros na 'n tèud ;'
'S 'ur buachaiUean bàthchruibh,
Ann an garadh na 'm pèur.
*S ann an sin a bha 'n cinneach,
Bh' air am milleadh o 'n ceill ;
Chuaidh a ghlacadh droch spioraid,
Ann an ionad fiamh Dhe ;
Sin am fath mu 'n robh sgianan,
Cho minig n' 'ur deigh ;
'Sa 'neach nach do bhuailte,
Bhi ga bhuain anns a bhrèig.
Ach a Mhoir-f hear Chlann Donuill
'S fad do chomhnuidh meas^i; Ghall,
Dh' fhag thu sinne n'ur breisUch,
Nach do fhreasdail thu 'n t-am ;
Nach do gleidh thu na h-itean,
Chuaidh gun f hios duit air chaU ;
Tha sinn corrach as t-aogais,
INIur cholainn sgaoilte gun cheann.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence