Skip to main content

‹‹‹ prev (30)

(32) next ›››

(31)
Sgiath air uilinn Phrionns Tearlaich ; A.
Bu tu iuchair an fhuasglaidh, ,*>
'Nuair bu chruaidh na bu chàs e ; 3'
Meud do ghhocais 's do chèillc, ;p/
Bheireadh reidh as gach cas thu. - , .^ ,1
'S tha thu 'd dhalt aig a Bhan-righ* %- '
'S mor an gradh thug i fhein duit ;
Mur leine chneas aig a brathair ; ^
'S mur aisne chnamha nach treigeadh ; ^'
ChaiU thu t-oighreachd a's t-fhearunn,
'S thug thu thairis gu leir e ;
Air son seasadh gu rioghail,
'S rinn do shinnsearachd f hein sin.
Tha mo chion air an fhior-fhuil,
Og rioghail na h-ealtainn ;
Agus cuilein an leoghuinn,
'S og a dh' f hoghlum thu gaisgeadh ;
Ursann chath thu roimh mhiltean,
'N am dhol sios ann am batailt ;
'S b'urra' shuidheachadh blair thu,
Ged bhiodh càch ann an gealtachd.
Dh' aithnich latha Chuileodau-,
Gu 'm bu dosgach na Gaidheil ;
'S gu 'n robh thus ann an Sasunn,
'N deigh do ghlacadh le d' namhaid;
Ach na 'm biodh tu aca,
Mu 'n do chaisgeadh an arach ;
Cha rachadh fir Shasunn,
Sian dhachaidh gu 'n aite.
Tha do chaistealan geala,
Agus do thaliachan prìseil ;
Far 'm biodh ol agus aidhear,
B 2

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence