Skip to main content

‹‹‹ prev (15)

(17) next ›››

(16)
4
Tha mi 'm tbrHaghan bochd mnatha,
Gu 'n cheann cinnidh thaobh athar no mathar.
Gun cheann, &c.
Mo chcist ceannard na 'n gaisgeach,
Gus a so nach d' fhuair masladh ;
Bha do shuaithcheantas taitneach,
Ged a thogar do chreachan,
Cha chluinnear do chaismeacbd,
No Ruairidh ga glacail,
Mhothaich suil nach robh ceart duibh,
'N latha chunnacas o Pheairt sibh a màrsadh.
'N latha, &c.
lar-ogh' dh' Ailein na 'n ruag thu,
Cha neart dhaoine thug uainn thu ;
Na 'm b' fheadh, dh' eireadh mu d' ghualain,
Luchd na 'n clogaide cruadhach ;
Fir mur gharbh-fhrasa fuara,
Bheireadh leotha na fhuair iad,
'S goirt an nuaidheaehd so chualas,
O 'n la chruinnich do shluagh ann an Aros,
O 'n la, &c/
Ach 's e chuir sinne an iomull,
Gun neart slainte no spionnaidh ;
Sinn an drasd gun cheann-cinnidh,
Mur Mhaol-Ciarain ga siveadh,
Gur h-ann tiomchioU 'ur teine
Gheibhte bàird agus filidh,
Agus cearraich ri h-iomairt,
Organ 's clarsach bu bhinne,
Aig luchd na 'n cùl fionna cas fàinneach,
Aig luchd, &c.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence