Skip to main content

‹‹‹ prev (41)

(43) next ›››

(42)
12
BREITH AGUS BAISTEADH
OR AN TONNAIDH
[219]
O Mhàiri Nic Neill, croitear
Thubhairt am beulaiche : An uair a tha am boireannach a' liuthail an
leanabain air a bhreith a staigh dh'an t-saoghal, tha i a' cur naoi tonnanan
beaga burn air an naoidhean bheag bhòidheach a thàinig dhachaidh a
uchd an Athar shiorraidh. Am feadh a tha i ris a seo tha i fhein agus na
mnathan-frithealaidh a' seinn rann an tonnaidh.
ONNAN beag do chruth,
Tonnan beag do ghuth,
Tonnan beag do mhànrain.
Tonnan beag do chuid,
Tonnan beag do bhuig,
Tonnan beag do chàileachd.
Tonnan beag do mhaoin,
Tonnan beag do shaoghail,
Tonnan beag do shlànachd.
Naoi tonn de ghràsa dhuit,
Tonnan Leigh do shlàinte.
Boisileag do chruth,
Boisileag do ghuth,
Boisileag do mhanrain.
Boisileag do ruch,
Boisileag do sguile,
Boisileag do làthrachd.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence