Skip to main content

‹‹‹ prev (15)

(17) next ›››

(16)
14
sinn a' tuigsinn nan Sgriobtiir. Tha e san
atli àite a' toirt chairdean firinne an t-Soisgeil
gu bhi 'cumail asuas bann-aonaiclh a tha chum
comhfhurtachd agus fòghluim. Tha e mar an
ceudna chum an eòlas agus an creidimh a chra-
obh-sgaoileadh, leis an taisbeanadh f hollaiseach
air am beachdaibh a tha mar so air a dhealbh.
Osbarr, tha e chum buannachd ann a bhi
dion nan teagasg roighnichte 's ris am bheilear
air gabliail, an aghaidh ghluasad coimheach
gu caochla bheachd. Tha e 'diol mar an ceudna
a chuideachaidh a's cumhachdaiche chum fògh-
luim a' Bhiobuill leis an uidheam riaghailteach
amis am bheil e 'cur firinnean a' Bhiobuill.
A thuillidh air sin tha e 'deanamh Eaglais.
Chriosduidh comasach air aon d' a dleasnasaibh
soillear a choiliònadh. Oir am feadh a tha
gach aon bhall do cho-chomunn crabhach fo
fhiachaibh, air a shon fhein, losa Criosd 'aid-
each be bhi 'fritheadladh òrduighean an t-Sois-
geil, agus le bhi cumadh am beatha 'nan uile
ghiùlan ri riaghailt an t-Soisgeil, — mar sin tha
Eaglais Chriosd 'na cor aonaichte ceart cho mòr
fo fhiachaibh a dillseachd do 'n " flnrinn mar
a ta i ann an Criosd " a chur an ceill. Mar so
tha 'n Eaglais ri 'bhi 'na fianuis air thalamh air

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence