Skip to main content

‹‹‹ prev (5)

(7) next ›››

(6)
air dlioibh a bhi air an dòrtadh asteach leis an
Spiorad Naomb, air eòlas slàinteil a bhi air an
gabhail orra 's air am faireachduinn, tlia iad ag
àracli an anama ann am beatha na diadhachd
chum na cuibhrionn d'an t-sonas a th' air
neamh agus a ta buan-mhaireannach.
B'amhuil sin na firinnean a theagaisg an
t-Abstol Pol ann an eisdeachd gach neach d'an
do shearmonaich e.
Agus na firinnean ceudna bha air an teagasg
leis le diirachd nach fannaicheadh agus le
dichioll ann an ùrnuigh airson Tliimoti agus
muinntir eile ullachadh mar shoisgeulaichaibh
a ghiùlan air a h-aghaidh obair na ministreil-
eachd Chriosduidh. Air an aobhar sin a deir
e, osbarr, " a chuala tu uam-sa." Bha thu air
d' oileanachadh leamsa anns na teagasgaibh,
anns am bheil creidimh feumail chum do
shlàinte fein. Agus air na teagasgaibh sin
gabhaidh tusa cothrom gu diadhaidh 's gu
h-eudmhor a chur an ceill do d' cho-pheacaich,
air son slàinte 'n anamanna. — "Na briathra
fallain a chual thu uam-sa."
Ach aris, agus an doigh ni 's ro àraidh, thoir
fainear gu bheil '• na briathra fallain " no
teasjasfran-an-t-Soisgeil air an ainmeachadh
I

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence