Skip to main content

‹‹‹ prev (15)

(17) next ›››

(16)
li
gniomh. Cuìr uait am beul fiar, agus
bilean breugach cuir faduait, Is duine
nach fiu f'ear aingidh. Ni làmh na
leisge bochd. Tha miann nam firean
maith. Is aithne do chridhe an duine a
bhròn fèin. 'Se eòlas crùn nan daoine
glic. An neach a ta fiar agus fealltach
'na chridhe cha'n f haic e maith.
11. — Bhruich thu an fheoil tuille 's
fada. Tha fion 'na dheoch laidir.
Na rach an urras air neach air bith.
Le toradh bèil duine iionar a bhrìi
Air son an fhuachd cha treabh an
duine leasg. Na imich maille ri droch
chloinn. Tha a' chìr mheala milis do'n
bhlas. Cha bhi crioch mhaith aig an
droch dhuine. JNloladh neach eile thu,
agus na b'e do bheul fèin.
12. — Thèid droch chlann gu dàna
clium an uilc, ach ni a' chlann ghlic
gach ni a ta ceart. Tha an ceann liath
'na choron glòire do'n duine ghlic,
agus is tobair beatha an tuigse do'n ti
aig am bheil i. Cha mhair beartas gu
bràth, agus cha mhair an crùn o linn
gu linn. Cha'n abair an uaigh agus
a]i teine a chaoidh gur leor e. An
neacli a bheir do'n bhochd clia tig dìth

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence