Skip to main content

‹‹‹ prev (53)

(55) next ›››

(54)
50 DEARBII-BHEACHD AIR SLAINT.
an talamh so, clio maith 's a dh-f haodar a ràdh
'us è nis air deas làimh Dhè. Bha losa heò ach
dh'f huilig è am bas 's an dèigh sin thogadh suas
o na mairbh è, agus chaidh è suas air nèamh, far
am bheil è beò gu sìorruidh gu eadar-ghuidhe
'dheanamh, agus o nèamh chuir an t-Athair an
Spiorad Naomh anuas, ann an ainm a Mhic, a
dh-f hoillseachadh na h-èifeachd a ta 'n a ainm,
agus a dh-ìnnseadh cho cìnnteach 's a tha slàint
shìorruidh do na h-uile 'chreideas ànn. Bha
obair aig Criosd ri dheanamh airson an duine,
cho maith ri teachdaireachd a thoirt o Dhia.
'Nuair a dhùisgear a' choguis gu ceart mhothach-
adh air peacadh, aithnichidh neach gu làn gur
peacadh am peacadh, agus gu'm fèumar dealachadh
ris, mu'm faodar seasamh an làthair an Dè naoimh.
Tha gràdh ann an Dia agus gràs ann an losa a
dh-fhaodas ar cridheachan a thàladh agus a tharr-
uing le muinighin d'an ionnsuidh, an dèigh do ar
BÙilean a bhi air am fosgladh. Ach tha Dia naomh
agus is è Criosd deah-adh a naomhachd agus a
ghràis, agus ciamar a sheasas peacaich, mar tha
sinne, an làthair Dhè, no ciamar a dh-amhairceas
sinn air deah'adh a làthaireachd ? Is ceist sin a
dh-f hèumar a f hreagairt a chum sìth a thoirt do'n
choguis, agus a chumlàn mhuinighinagus làn f hois
a thoirt do'n chridhe. Matà, gheibhear làn f hreag-
airt do'n cheist sin ann an losa. Cha n-ànn 'n a
bheatha, ach 'n a bhàs. Cha n-ànn anns a' ghràs
bheò a dhealraich amach 'n a oibribh, agus 'n a
bhriathraibh, agus 'n a shlighibh uile, ach ann an
dòrtadh 'fhola agus anns an dearbhadh a ta
againn o aiseirigh losa gu'n robh 'fhuil air a
gabhail leis an Athair, agus gu'n tug è air falbh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence