Skip to main content

‹‹‹ prev (50)

(52) next ›››

(51)
DEARBn-DITEACnD AIR SLAINT. 4«
dheth-fpin ort a mhothachadh gur è do hheatha
teachd d'a ionnsuidh — nach diùltar aon neach a
thig d'a ionnsuidh — hhitheadh do chridhe air
'fhuasgladh o gach teagamh, agus gheibheadh tu
thu-fèin aig do dhachaidh 'an làthair do Thigh-
earna fìor ghràsmhor.
" Seadh," arsa tusa, " na'n robh mise 'n a
làthair ! Hò ! nach robh mise ameasg an
t-sluaigh ud 'nuair a shìn a' bhean amach a làmh
agus a bhean ì ri losa ! Hò ! nach robh mise
faisg air a' chrann-chèusaidh, 'nuair a labhair an
gaduiche 'us è fo smachd a' bhàis, a' lan-chreid-
sinn ann an Criosd !" Mo lèughadair ionmhuinn,
cha robh èifeachd theàrnaidh air-bith anns na
nithe sin 'fhaicinn leis an t-sùil, no 'n an cluinn-
tinn leis a' chluais. Nach lìonmhor neach a
chunnaic agus a chuala losa fad a chuairt air
thalamh, nach ' f haca maise na's mò ànn gu'n
ìarraidh iad e', na chithear le mòr shluagh a
chluinneas agus a lèughas m'a thimchioll air an
là an diugh. Dh-fhaodadh an t-sùil nadurrail
Criosd 'f haicinn, agus a' chluas nàdurrail a ghuth
a chuinntinn ; seadh dh-fhaodadh an cridhe fèin
smuaineachadh air gu teànn, ach is è creidimh a
chitheadh è da rìreadh, a dh-èisdeadh ris da rir-
eadh, a ghabhadh ris da rìreadh, agus a dh-aith-
nicheadh da rìreadh cò è. Is è sin amhàin a
b'urrainn làn fhios air sìth a thoirt do'n anam.
Abair gu'n d'rinn luchd-àiteachaidh dùcha
ceannairc, no àr-amach an aghaidh rìgh laghail
na tìre. Àch is duine còir, caoimhneil, fad-
fhoighidneach an rìgh ; cha n-àill leis cèuman
fiadhaich, garbh, garg a ghnàthachadh air bàll a
chum na ceannaircich ud a chìosnachadh agus a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence