Skip to main content

‹‹‹ prev (47)

(49) next ›››

(48)
44 DEARBH-BHEACIID AIR Sl.AINT,
Dhè. Cliitliear fìrinn, naomhachd agiis fìrean-
tachd ann an losa, air dòigli nach fhaicear ìad
ann an cuspair sam-bith eile. 'N a ghineamh-
uinn agus 'n a bhreith tha è air a nochdadh
dhuinn mar an Ni Naomh a bha gu bhi air a
bhreith leis an òigh Muire. Bu theisteanas
iomlan air naomhachd neo-chrìochnaich Dhe,
beatha Chriosd gu lèir. Gidheadh 'n a bhàs
" rinneadh ò 'n a pheacadh air ar son-ne," agus
bha làn f hreagairt air a thoirt araon do na tha aig
fìreantachd agus naomhachd Dhè an aghaidh a'
pheacaich a's ciontaiche agus a's mì-naomha, leis
iia dh'f huilig Criosd mar f hear-iomchair-peacaidh ;
ghabh Dia an iobairt a thug Criosd, agus ann an
gabhail na h-ìobairt sin bha naomhachd agus
fireantachd Dhè air am foiUseachadh, agus air an
glòrachadh air dòigh cho soilleir, cho dealrach,
cho òirdheirc agus cho neo-chriochnach, ionnus
gur iongantas sìorruidh so do hichd-àiteachaidh
nèimh agus na talmhuinn.
Cha n-è mhàin gu'n do ghabh Dia an ìobairt
mhòr so, ach is è gràdh Dhè fèin a cWuUaich ì air
tùs. Thàinig Criosd anns an f heòiL Is tiodhlac
o ghràdh Dhè Criosd, agus ! cia mòr an tiodhlac
sin ! " Is ann mar sin a ghràdhaich Dia an
saoghal, gu'n d'thug è aon-ghin Mhic fèin chum
as ge b'e neach a chreideas ann, nach sgriosar e,
ach gu'm bi a' bheatha shìorruidh aige." Eòin
3. 16. Am bheil thu da rìreadh a' creidsiun gur
è losa Mac Dhè ? Matà, ciod ach gràdh — gràdh
do pheacaich — an tiodhlac sin a bhuileachadh air
daoine? Agus ciod ach gràdh a bheireadh air
Criosd teachd do'nt-saoghal so? e-fèin an fhianuis,
an teachdair an tiodhhac, agus an guth a' foill-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence