Skip to main content

‹‹‹ prev (41)

(43) next ›››

(42)
38 DEARBH-BHEACHD AIR 8LAINT.
do blirìgh gu'n do chuir sibh dhìbh an seann
duine maille r'a ghnìomharaibh. Agus gu'n do
chuir sibh umaibh an duine nuadh, a tha air ath-
nuadhachadh ann an eòlas, a rèir ìomhaigh an Tì
a chruthaich e. Uime sin cuiribh-se umaibh,
(mar dhaoine taghta Dhè, naomha agus ion-
mhuinn,) innigh thròcaire, caomhalachd, irioslachd
inntinn, macantas, fad-f hulangas ; a' giiìlan le
chf ile, agus a' maitheadh d'a chèile, ma tha ciìis
ghearain aig neacli an aghaidh neach ; mar a
thug Criosd maitheanas dhuibh-se, mar sin dean-
aihh-se mar an ceudna.^' Col. 3. 1, 3, 4, 5, 9-13.
Nach 'eil sin anis soilleir gu leòr ? Ciamar a bhith-
eas mise air mo ghluasad le maitheanas o Chriosd
dhomh-fèin gu maitheanas a thoirt do mo bhràth-
air, ma tha teagamh agam air mo mhaitheanas
fèin o Chriosd 5*
Tha sgrìobHah an Abstoil Pheadair a' làn-
mhìneachadh agus a' làn-dhaingneachadh nam
fìrinn so air am bheil sinn a' labhairt, ag ràdh
" Uime sin crioslaichibh leasraidh bhur n-inntinn,
bithibh measarra, agus biodh dòchas diongmhalta
agaibh às a' ghràs a bheirear dhuibh aig foillseach-
adh losa Criosd : mar chloinn ùmhal, gun a bhi
'g'ur comh-chumadh fèin ris na h-ana-mìannaibh, a
bha agaibh roimhe ann an àm bhur n-aineolais :
ach a rèir mar tha esan a ghairm sibh naomh,
bithibh-se naomha mar an ceudna 'n 'ur n-uile
chaithe-beatha : do bhngh gu'm bheil e sgrìobhta,
Bithibh-se naomha, oir tha mise naomh." Tha
na briathran sin gu soilleir a' labhairt ri muinntir
a bha air an teàrnadh, agus fios aca-fèin gu'n
robh ìad air an teàrnadh. Arìst do thaobh a'ghràirih
bhràthaireil tha'n t-Abstol cèudna ag ràdh, "I)o

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence