Skip to main content

‹‹‹ prev (27)

(29) next ›››

(28)
24 DEARBH-BnBAOHD AIR SLAINT.
aibh ciod a' ghnè ghràidh a thug an t-Athair
dhuinne gu'n goirteadh clann Dhè dhinn." Agus
tha'n t-Abstol ag ràdh (anns an dara rànn) an
dèigh sin, "A mhuinntir mo ghràidh, a nis is
sinne mic Dhè; agus cha n-'eil e soilleir fathast
ciod a bhitheas sinn : ach tha fhios againn, 'nuair
a dh'fhoillsichear esan, gu'm bi sinn cosmhuil
ris ; oir chì sinn e mar a tha e." Am b'urrainn
dearbh-bheachd na's cìnntiche, no na's treise na
sin a bhi air 'ainmeachadh ? Agus arìst, " Na
nithe so sgrìobh mi do 'ur n-ionnsuidh, a tha
creidsinn ann an ainm Mhic Dhè; chum gu'm bi
fios agaibh gu bheil a' bheatha mhaireannach
agaibh, agus chum gu'n creid sibh ann an ainm
Mhic Dhè." 1 Eòin 5. 13. Mar sin b'i aon de
chrìochaibh an Spioraid Naoimh, ann an deachd-
adh na Litreach so, dearbh-bheachd cìnnteach a
thoirt do gach Criosduidh, agus gach aon, a tha
gu f ìrinneach a' creidsinn ann am Mac Dhè, a
neartachadh 'n a chreidimh. Tha è gu soilleir a'
sgrìobhadh a dh-ionnsuidh na muinntir a tha mar
sin a' creidsinn, chum gu'm buanaicheadh ìad a'
creidsinn, agus gu'n creideadh ìad na's seas-
mhaiche. Ach a bhàrr air sin tha è 'sgrìobhadh d'an
ìonnsuidh chum fìos a thoirt doibh gu'm bheil a'
bheatha mhaireannach aca agus ag ràdh, " Tha
fhios againn gur ann o Dhia a tha sinne, agus tha'n
saoghal uile 'n a luidhe 's an olc. Agus tha f hios
againn gu'n d'tbàinig Mac Dhè, agus gu'n d'thug
e tuigse dhuinn, chum gu'm bitheadh aithne
againn air-san a tha fìor : agus tha sinne ann-san
a tha fìor, ann a Mhac losa Criosd. Is e so aii
Dia f ior, agus a' bheatha mhaireannach. Amen."
1 EÒin 5. 19-21. Càit anis am faighear dearbh-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence