Skip to main content

‹‹‹ prev (26)

(28) next ›››

(27)
DEARBn-BnEACHD AIR SLAINT. 23
mhor, sgairteil, trèun, a dh'f huilig gu trom ann
an teas a' chomhraig, agus a chaidh tre iomadh
deuchainn chruaidh, ghoirt, ris am bheil an
t-Abstol ag ràdh " òganacha ?" Cha n-è idir. Bha
gun teagamh dearbh-bheachd air slàint aig na
Chriosduidhean sean 'us òg sin ris am bheil an
t-Abstol a' labhairt, ach cha n-'eil aon f hocal mu
dhearbh-bheachd air a ràdh leis ri aon diubh ; oir
cha robh teagamh air a' chùis. Is ìad so anis a
bhriathran fèin ris na Criosduidhean gus an robh
è 'sgrìobhadh, " Tha mì sgrìobhadh do 'ur n-ionn-
suidh, A CHLANN BHEAG, do bhrìgh gu bheil bhur
peacaidliean air am maitheadh dhuibh air sgàth
ainme-san." 1 Eòin 2. 12. Agus arìst (rànn
13) '' Tha mì sgrìobhadh do 'ur n-ionnsuidh, a
CHLANN BHEAG, do bhrigh gu'm b'aithne dhuibh an
t-Athair." Mar sin chithear gur è maitheanas
pheacaidhean* agus aithne air an Athair, còir
dhligheach na " cloinne bige" ann an Criosd.
Agus nach 'eil è mar sin fìor shoilleir, matà, gur
èudar gu'm bheil a'chòir dhligheach agTis a'chuibh
rionn chèudna aig gach uile Chriosduidh !
Tha'n treas caibdeil de cheud litir Eòin a'
tòiseachadh leis a' ghlaodh aoibhneach so, " Feuch-
* Mar 8Ìn gheibhear an earrainn so air a h-eadar-theangachadh anns
a' Bhìobull Bheurla 'us Ghiielig, ach is ceart a thoirt fainear gur è ana
focal Grèugach TekniaA'&'a eadar-theangachadh " clann bheag" anns an
dara rann deug de'n dara caibdeil de cheud litir Eòin, a' cheart f hocal
a gheibhear anns a' cheud rann de'n chaibdeil chèudna,]eis anri bheil na
naoinah uile gu soilleir air an clallachadh. Ach cha n-'eil sin idir a'
lughdachadh brigh na 'chaidh a r^dh roimhe so mu dhearbh-bheachd,
Tha am focal Paidia air eadar-theangachadh " clann bheag" anns an
treas rann deug, gu litireil a' ciallachadh " naoidheanan," uo " clann
bheag." Mar sin tha'n t-Abs*Ql a' sgriobhadh a dhionnsuidh uan uile
chreideach fo'n ainm Teknia Clann, agus ag ràdh gu'm bheil am peac-
aidhean air am maitheadk, Tha è gu suilleir a' labhairt ri naoidhean.
aibh ann an Criosd, leis an f hocal Paidia, agus ag radh gu'm bheil 6
'sgriobhadh d'an ionnsuidh, do bhrigh gu'm b'aithne dhoibh an
t-Athair.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence