Skip to main content

‹‹‹ prev (25)

(27) next ›››

(26)
22 DEARBH-BHEACIID AIR SLAINT.
h- Abstoil 'n a ni airidh gu bhi air a mhìannachadh,
tha Eòin a' labhairt nam briathran iongantach so
anns an rann chèudna (an treas rann,) " agus gu
fìrinneach tha ar comunn-ne ris an Athair, agus
r'a Mhac losa Criosd," G-u cìnnteach tuigear
anis gu'n robh deadh aobhar airson nam briathran
sin a labhairt, agus is è sin gu'm bhèil ni àraid
againn an so a's mò gu mòr na dearbh-bheachd air
slàint amhàin. Dh-fhaodadh sin a bhi againn
gun ghuth idir a chluinntinn air " comunn ris an
Athair, agus r'a Mhac losa Criosd." Ach sin an
nì a bha aig Eòin agus aig a cho-dheisciobuil,
agus tha è ag ìnnseadh dhuinn-ne ciod a chunnaic
agus a chuaì' è, chum gu'm bitheadh com^pàirt,
no comunn againn maiUe riu ; agus " gu fìrinn-
each," (sin anis a bhriathran fèin) " tha ar
comunn-ne ris an Athair, agus r'a Mhac losa
Criosd." Agus mar gu'm bitheadh è ag iarraidh
gach teagamh air a' chùis a chur às an rathad,
agus mar sin sinne 'dheanamh cìnnteach gu'm
bheil an comunn sin cho dligheach, no cho saor
dhuinn-ne 's a bha è dhà-foin, tha è ag ràdh
ruinn, " Agus tha sinn a' sgrìobhadh nan nithean
Bo do 'ur n-ionnsuidh, chum gu'm bi bhur gàird-
eachas coimhlionta." 1 Eòm 1. 4.
Ach is ànn anns an dara caibdeil de'n Litir so
a gheibhear an teagasg so — dearbh-bheachd air
slàint — air 'fhosgladh suas gu soilleir, làn.
Agus cò ìad a' mhuinntir sin a gheibhear air an
ainmeachadh anns a' c^ibdeil sin, mar mhuinntir
aig am bheil an dearbh-bheachd so? An è
Criosduidhean aosmhor, àrd, abuich, ris am bbeii
an t-Abstol a' labhairt mar "aithrichean ?" Cha
n-è idir. An è Criosduidhean gnìomhach, èud-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence