Skip to main content

‹‹‹ prev (20)

(22) next ›››

(21)
DEARBn-BIIEACHD AIR SLAINT. 17
Ann an sgrìobhadh a dh-ionnsuidh nan naomh
ann an Colose, tha'n t-Abstol a' labhairt air a
shon fèin agus air an son-san mu " thabhairt
buidheachais do'n Athair, a rinn sinne iomchuidh
chum a bhi 'n ar luchd comh-pàirt a dh'oighreachd
nan naomh 's an t-solus : a shaor sinn o chumh-
achd an dorchadais, agus a dh' atharraich sinn
chum rìoghachd Mic a ghràidh-san : anns am hheil
againn saorsa tre 'fhuil-san, eadhon maitheanas
nam peacadh." Col. 1. 12-14. An so cha n-'eil
ag, no teagamh air-bith. An so cha n-'eil beachd
neo-chìnnteach ; ach dearbh-bheachd cho soiileir
agus cho làn 's a b'urrainnear ainmeachadh. Siiin
air ar deanamh iomchuidh — air ar saoradh — air
ar n-atharrachadh — anns am bheil againn saorsa
tre 'fhuil-san ! A chinnteis shona, bheannaichte !
Gu'm b' ann a bhitheas an dearbh-bheachd so air
a dheanamh soilleir araon do chridhe an neach a
sgrìobh, agus do chridhe gach aoin a leughas an
leabhran so !
So anis dearbhadh soilleir, dìreach eile, " Eadhon
losa a shaor sinne o'n fheirg a tha ri teachd." 1
les. 1. 10. " Oir cha d'òrduich Dia sinn chum
feirge, ach chum slàint 'fhaotuinn tre ar Tigh-
earn losa Criosd." 1 Tes. 5. 9. Agus arìst, " Do
bhrìgh gu'n do thagh Dia sibh o thùs chum
alàinte, tre naomhachadh an Spioraid, agus creid-
sinn na fìrinn." 2 Tes. 2. 13. Agus an dèigh
sin, " A nis gu'n tugadh ar Tighearn losa Criosd
e-fèin, agus Dia, eadhon ar n-Athair-ne, a ghràdh-
aich sinn, agus a thug dhuinn solas sìorruidh,
agus dòchas maith tre ghràs, comhfhurtachd do
'ur oridhe-sa, &c. 2 Tes. 2. 16.
Sin anis mar gheibhear an t-Abstol a' labhairt
b3

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence