Skip to main content

‹‹‹ prev (19)

(21) next ›››

(20)
16 DEARBH-BHEACHD AIR SLAINT.
talmhaidh a' phàilliuin so, gu bheil againn aitreabh
o Dhia, tigh nach do thogadh le làmhan, sìorruidh
anns na neàmhan." 2 Cor 5. 1. Anis, a lèugh-
adair, nach dearhh-hheachd sin ? Am b'urrainn
dearbh-bheachd na's soilleire, no na's cìnntiche
na sin a bhi air 'ainmeachadh ? Cha n-ionann sin
idir 's an teagamh agus na smuaintean agus a'
chainnt neo-chìnnteach a gheibhear gu ro thric
aig skiagh an là an diugh air a' chùis so. Cha
n-'eilear ag ràdh idir an so, mar chluinnear mòran
ag ràdh an diugh, " Tha m' earbsa gu'm bi mì
ceart mu dheireadh ;" " cha n-'eil mì gun dòchas
idir." Ach cha n-ànn mar sin a gheibhear an
t-Abstol a' labhairt; cha n-'eil è idir ag ràdh
" nach 'eil è cìnnteach" — cha n-'eil eagal air gur
dànadas dhà labhairt air a' chùis le cinnteas. Is
è nach 'eil idir, idir; ach " Tha fios againn gu
bheil AGAiNN aitreabh o Dhia," sin anis a bhriath-
ran soilleir air an labhairt gun eagal, gun teagamh,
gun imcheist.
G-heibhear làn dearbh-bheachd anns na briath-
raibh a leanas o Litrichibh eile : — " Agus do
bhrìgh gur mic sibh, chuir Dia Spiorad a mhic
fèin ann bhur cridheachaibh, ag èigheach, Abba,
Athair." Gal. 4. 6. Agus arìst, "Anns an do
chuir sibhse mar an ceudna (sin ri ràdh ann an
Criosd) dòchas, an dèigh dhuibh creidsinn ànn,
chuireadh seula oirbh le Spiorad naomh sin a'
gheallaidh, neach a's e geall-daingnich ar n-oigh-
reachd-ne." Eph. 1.13, 14. Is dearbhadh soilleir
na briathran sin gu'n robh dearbh-bheachd air
slàint aig a' mhuinntir gus an robh iad air an
sgrìobhadh. Ach bheirear tuilleadh dearbhaidh
o'n Litir chum nan Ephèsianach, an dèigh so.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence