Skip to main content

‹‹‹ prev (18)

(20) next ›››

(19)
DEARBn-BIIEACHD AIR SLAINT. 15
1, 16. Tha na briathran so air an toirt o aon
Litir ; ach is beag sin de na gheibhear cosmhuil
riu anns an Litir sin. Faiceamaid anis ciod a
thatar ag ràdh ann an Litir eile, " A nis fhuair
sinne cha-n e spiorad an t-saoghail, ach an Spiorad
a tha Dhia ; chum gu'm bitheadh aithne againn
air na nithibh sin a thugadh dhuinn gu saor o
Dhia." 1 Cor. 2. 12. " An e nach 'eil fhios
agaibh gur e bhur corp teampull an Spioraid
naoirah a tha annaibh, a tha agaibh o Dhia, agus
cha leibh fèin sibh." 1 Cor. 6. 19. Ciod anis
bu chiall do na briathraibh sin, no carson a bha
ìad air an sgrìobhadh leis an Abstol, mur robh è
fo bheachd gu'n robh fios aig a' mluiinntir, gus
an robh è a' sgrìobhadh, gu'm b'ìad mar tha
e-fèin ag ràdh, teampuU an Spioraid Naoimh ?
gu'm buineadh ìad do Chriosd, agus nach bu leo-
fein ìad ? Agus "A nis an ti a dhaingnicheas
sinne maille ribh-se ann an Criosd, agus a
dh'ùng sinn, is e Dia : neach mar an ceudna a
chuir seula oirnne, agus a thug dhuinn geall-
daingnich an Spioraid ann ar cridheachaibh." 2
Cor. 1, 21, 22. Sluagh air an daingneachadh le
Dia ann an Criosd ; air an ùngadh leis an iingadh
sin a theagaisgeas na h-uile nithe : (Faic 1 Eòin
2. 27.) agus an lorg sin a bhi gu cìnnteach air an
seulachadh, no sinn air ar comharrachadh mar
mhuinntir air an gabhail le Dia mar a chuid fein ;
agus an Spiorad aca cha n-ànn amhàin mar ùngadh
agus mar shèula, ach fòs mar gheall-daingnich —
mar roimh-bhlàs anis air an aoibhneas shìorruidh
ri teachd — cionnus a b'urrainn sin uile 'bhi aig
muinntir gun dearbh-bheachd air sìàint? " Oir
tha fios againn, na'n sgaoilteadh o chèile ar tigh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence