Skip to main content

‹‹‹ prev (15)

(17) next ›››

(16)
12 DEARBH-BHEACHD AIR SLAINT.
gu'n robh dearbh-hheachd air slàint aig na ceud
Chriosduidhean. A dh-easbhuidh an dearbh-
bheachd so cha n-urrainn sìth, no cumhachd thairis
air a' pheacadh, no neart gu Dia a ghlòrachadh,
no aoibhneas ann an sùil ri teachd Chriosd, a bhi
aig anam air-bith.
Cho luath 's a ghairm ar Slànuighear beannaichte
àireamh dheisciobul m'a thimchioll fèin, daoine
'bha air an teagasg le Dia an t-Athair a chum
Criosd, Mac an Dè bheò, aithneachadh agus
aideachadh, thòisich è ri focail soluis, aoibhneis
agus sòlais a labhairt ris na deisciobuil sin anns
na briathraibh so ag ràdh, " Na bitheadh eagal
ort, a threud bhig; oir is è deadh thoil bhur
n-Athar an rìoghachdathoirtduibh." Lùc. 12. 32.
" Na deanaibh gàirdeachas airson gu'm bheil na
spioraid fo bhur smachd; ach deanaibh gàirdeachas
airson gu'm beil bhur n-ainmean sgrìohhta anns na
nèamhan." Eòin 10. 20. " Gru deimhin, deimhin
tha mi ag ràdh ribh, An ti a dh'èisdeas ri m' f hocal-
sa, agus a tha 'creidsinn anns an ti a chuir uaith
mi, tha a' hheatha mhaireannach aige agus cha tig
e chum dìtidh-, ach chaidh e thairis o bhàs gu
beatha." Fòln 5. 24. " Tha mo chaoraich-sa ag
èisdeachd ri m' ghuth, agus is aithne dhomh iad,
agus leanaidh iad mi : agus bheir mi a' bheatha
mhaireannach dhoibh ; agus cha sgriosar iad am
feasd, ni mò a spìonas neach air-bith as mo làimh
iad." Eòin 10. 27, 28. Nach fìos cìnnteach sin ?
Agus arist an dèigh aiseirigh Chriosd gheibhear è
ag ainmeachadh a shluaigh mar a chuideachd
fèin, ag ràdh, " Ach imich chum mo bhràithrean,
agus abair riu, Tha mise 'dol suas chum m'Athar
fèin agus bhur n-Athar-se, agus chum mo Dhè

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence