Skip to main content

‹‹‹ prev (12)

(14) next ›››

(13)
DEARBH-BHEACHD AIR SLAINT. 9
air slàint. Mur ìnnseadh Dia dhuit gu soilleir
gu'm faod thu am beannachd so 'f haotuinn maiUe
ri beannachdan eile an t-soisgeil, bu ni eile sin,
Ach is gnothach ro chudthromach do shlàint
shìorruidh gu 'fàgail an crochadh air barail, no
air " ma dhaoite." Na gabh fois idir geda
b'urrainn thi*ràdh, " Tha mi 'an dòchas gu'm bi
mì air mo theàrnadh," no '' tha mì ag earbsa gu'm
bheil mì air an t-sligh gu nèamh." An dara cuid
tha ar peacaidhean air am maitheadh dhuinn, no
cha n-'eiL An dara cuid, is sinne " clànn Dhe'
tre chreidimh ann an Criosd" no ìs "clànn feirge
sinn eadhon mar chàch." Faodaidh tusa, ma's
àiU leat, ìnnseadh le cìnnteas cò an staid dhiubh
sin anns am bheil thu-fèin. Ho ! matà, na gabh
fois gus am bi thu làn chìnnteach. Na'n robh
do thigh a' losgadh seachad, agus tusa neo-chìnnt-
each an gabhadh an lasair casgadh, nach bu bheag
d'fhois gus am bitheadh tu làn chìnnteach gu'n
robh do thigh air an làimh shàbhailt. Na'n
d'f huair thu litir leis a' phost a dh'f hàgadh neo-
chìnnteach thu gus an tigeadh an ath phost, nach
do chaill thu do chuid uile de'n t-saoghal, agus
gu'n robh thu fèin, do bhean 'us do chlànn ann
an cunnart a bhi air bhur fàgail mar bhaigearan
truagh, nach bu bheag d'fhois air an àm sin ?
Na'n cluinneadh tu gu'n do bhuail long, anns an
robh caraid dìleas dhuit, air creig agus gu'n do
chailleadh a' chuid a's mò de na biia air bòrd, ach
gu'nrobhbeagan air an teàriiadh,gun fhios agad an
robh do charaid fèin air a theàrnadh, nach bu
mhòr d'imcheist agus do mhi-f hois gus an cluinn-
eadh tu le cìnnteas an robh do charaid beò no
marbh ? Gu cìnnteach dh-fhaocladh Criosduidh a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence