Skip to main content

‹‹‹ prev (11)

(13) next ›››

(12)
O DEARBH-BHEACHD AIR SLAINT.
dhòcbas nach 'eil," their thu. Ach cha n-atharr-
aich an dòchas lòm sin a' chùis — tha ì fathast
mar hha ì roimhe, f had 's a bhitheas tusa neo-
chìnnteach. Ma tha thu nis air an rathad gu
sgrios, is mealltach do dhòchas, agus tha thusa air
do mhealladh air d'aghaidh leis, ach cuimhnich
cha n-urrainn an dòchas dorch^ sin a th'agad-sa
sligh sgriosail a thionndaidh gu sligh na beatha
dhuit. Cha n-urrainn è, is è nach urrainn. Agus
ma tha thu nis air sligh na saorsa fo dhearbh-
bheaclid air do theàrnadh, agus air do thurus a
dh-ionnsuidh a' bhaile nèamhaidh, nach è gu mòr
a's feàrr, a chum do shìth agus d'astar a chur air
aghaidh, làn f hios cìnnteach a bhi agad air sin.
Ma tha do choguis air a dùsgadh gu ceart, ma
tha thu an làthair Dhè, a' faicinn meud agus
truimeid a' chionta agus an dìtidh a ta ceangailte
riut do thaobh do nàduir agus do chleachdaidh ;
seadh ma tha ceart mhothachadh agad air na
nithibh sin, cha n-urrainn sìth a bhi aig d'anam
a dh-eashuidh dearbh-hheachd. Faodaidh nach
f haigh thu dearhh-hheachd air bàll, no cho luath
's a dh-ìarras tu è, ach is beag, bochd do shìth gus
am faigh thu è. Is coigreach do shìth thu, oir
cha b'aithne dhuit sìth riamh, gus am bi a' cheist
so air a socrachadh. Ho ! b'fheàrr gu'm moth-
aicheadh sluagh plàigh a' pheacaidh, truimead
cionta agus dìtidh ; na'n deanadh iad sin, cha bu
leòr leo idir an t-iompachadh faoin, falamh,
goirid leis am bheil mòran toilichte gu tric air an
là an diugh, — lompachadh a's tric a sheargas às,
ach beag cho luath 's a thig è.
Ach, a lèughadair, guidheam ort anis, na gabh
fois gu bràth gus am faigh thu dearhh-hheachd

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence