Skip to main content

‹‹‹ prev (46)

(48) next ›››

(47)
EIDIRE GHRIANAIG. 25
" So 'n t-aite bheil clann ridire Ghrianaig. Tha eud ri bhi posd'
air tri fanihaiiean."
" De 'n doigh air faotainn far a bheil eud?"
" Cha 'n 'eil doigh sain bith ach dol suas anns a chliabh so ri
aodann na creige."
Chaidh am mac a bu shine anns a chliabh, 's nur a bha e shuas
aig leith na creige thainig fitheach geair dugh, 's thoisich e air le a
inean, 's le a sgiathan, gus nach mor nach d' fhag e dall bodhar e.
(4) Cha robh aig ach tilleadh air ais.
Chaidh an darna fear sa chliabh, 's nur a bha e shuas leith an
rathaid, thainig am fltlieach gearr dugh 's thoisich e air, 's cha robh
aig ach tilleadh air ais mur a rinn am fear eile.
Chaidh Iain ma dheireadh sa cliabh. Nur a bha e shuas leith an
rathaid, thainig am fitheach gearr dugh, 's thoisich e air, 's ghread e
ma 'n aodann. " Suas mi gu clis," urs' esan, " ma 'm bi mi dall an
so." Chuireadh a suas e gu braigh na creige. Nur a bha e shuas
thainig am fiiheach far an robh e, 's thuirt e ris.
" An d' thoir thu dhonih greim tho.mbaca.' "
" A dhoar shlaightire ! 's beag coiiiain agad orm airson sin a
tlioirt duit."
" Na biodh amhail agad da sin bidh raise 'm charaid math dhuit.
Nis theid thu do thi-h an fhamhair mhoir, 's chi thu nighean an
ridire fuaghal, 's a meuran fliuch le deoir."
Ghabh e air aghaidh gus an d' rainig e tigh an fhamhair. Chaidh
e stigh. Bha nighean an ridire fuaghal.
" De thug an so thu ?" urs' ise.
" De thug thu fein ann nach fliaodainnsa tigh 'n ann ?"
" Thugadh mis' ann gun taing."
" Tha fios agam air an sin. Ca bheil am famhair ? "
" Tha e sa bheinn sheilg."
" De 'n doigh air fliaotainn daehaidh?"
" An t-slabhraidh chomhrag ud a mach a chrathadh 's cha n 'eil san
fhiorrachd, na 's an fhuarrachd, na 'n ceithir rannan ruagh' an domh-
ain, h-aon a chumas comhrag ris,^ach Iain og Mac an t-Saighdeir, a
Albainn, 's cha n 'eil e ach se bliadhn' deug a dh' aois 's tha e
tuillidh a 's og a dhid a chomhrag ris an fhamhair."
" Tha iomadh h-aon an Albainn cho laidir ri Iain Mac an t-
Saighdeir, gad a bhiodh an saighdear leis."
Cliaidh e mach. Thug e tarruinn air an t-slabhraidh, 's cha d'
thug e car aisde, 's chaidh e air a ghlun. Dh' eiridh e suas, thug e
'n ath chrathadh air an t-slubhraidh, 's bhrisd e tein' innte. Chual
am famhair sa bheinn sheilg e.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence