Skip to main content

‹‹‹ prev (22)

(24) next ›››

(23)
[ 19 ]
dheanamh, agus dh' fhan e ann an àit' iomala:;h de'u
Fhràhig gus am faiglieadh se e-fèin n'a b' uidheam-
aichte, agus cothrom na b'f hàbharaich.
Ann am fior thoìseach na bliadhna 1745, dh-fhcuch
e na h-uile sheòlteachd a bha na chomas gu thoirt air a
chairdean-cùirt ath-ionnsaidh thoirt air na Fràngaich
Albainn a thoirt orra, ach cha'n eireadh a h-aon duibh.
Air anaobhar sin sgrìobh e mar so as an Ròimh a dh-ioun-
saidh athar, — "B' fhearrleam gu'n reiceadh tu m' uile
sheudan : oir air an taobh so de 'n chuan cha 'n
f heud mi am mealtainn ach le cridhe goirt : a smaoin-
teach gu'm faodainn an cuir gu buil n'a b' fhearr, gu
freasdal air m' fheum an àm na cròdhaig." Thuirt e
ann an earrainn eile de'n litir so ma shùim airgeid a bha
e 'g iarraidh air athair, gu ceannach chlaidmhnean : —
" Mas bithinn a dh-easbhuidh an airgeid reicinn mo leine
agus is ann air son a leithid so de ghnothach* a bhios mi
do ghnà a'g iarraidh airgeid ort, agus cha'n ann air son
aodaichean rìmheach a's rudan suarach niar sin."
Fadheoigh air dha gèill a thoirt nach coisneadh e
tùrn air an t-sheòl ud, chuir e roimhe au Fhràing fhàg-
ail gun dàil oir bha mòr earbs' aig as na h-Albannaich
agus gu h-kraid as na FineachanGàèlach, a thug clieana
misneach dha a thighinn d'an ionnsaidh, nam b' urrainn
e fòghnadh òir agus àrmachd a thoirt leis : shaoil e na'n
sgaoileadh e aon uair abhratach ri crannan Albainn gu'n
cruinnicheadh a chàirdean gu grad ma thimchioU agus
gu'n cumadh e a làrach gus an tigeadh cobhair d'a ionn-
saidh as an Fhràing.
Mu'n àm so tliug duiu'-uasal a bha na hhancair ann
am Pà rais (àrd bhaile na Fràinge) an coingheall do Thear-
* Cogadh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence