Skip to main content

‹‹‹ prev (20)

(22) next ›››

(21)
[ 17 ]
coimheirsneicli ri'n cuid fèin. Cha b'urrainn iad, co-dhiù,
smaoiutinn b'a mhearachdaiche no iad sud altrum, Cha
robh sluagh mu'n àm air thalamh cho fiùghantach agus
cho macanta ris na Gàeil: agus cha'n fhaighte saigh-
dearan n'a bu mhisneachaile na iad anns an Roinn-
Eorpa, no theagamh an àite sam bith air domhainn. Bha
iad math air sloinneadh, agus èolach air seanachas an
dùthcha, agus euchdan an aithrichean, ni a bha sèideadh
suas an aignidhean a los gach fearra-ghniomh treun
a chuir an gniomh, chum agus gu'm fàgadh iad iomlan
nan deigh, a chliù allail sin, a choisinn an sinnsir mar
dhìleab bhuan d'an sliochd.
" Lean gu dlù ri cliù do shinnsir
'S na dìbir a bhi mar iadsan
Chiiir iad gach cath le biiaidh,
'S bhuannaich iad cliù gach teughhail
'S mairidh an iomradh san dàn
Air chuimhn' aig na bàird an deigh so !"

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence