Skip to main content

‹‹‹ prev (74)

(76) next ›››

(75)
EACHDRAIDH lOSEIPH. 71
" Is duilich leam do chor," a deir loseph,
'^ agus b'f hearr leam gu'm bithinn comasach
air sòlas a thoirt duit : Ach mo thruaighe ! tha
•lo chor air a shùnrachadh. Na basgaidean, is
tri làithe iad, ach mun teirig na tri làithean sin,
bheir an righ òrdugh do cheann a sgathadh
dhìot, agus an sin crochar do chorp air croich,
agus ithidh eòin an adhair t-fheòil o d' chnàmh-
aibh, agus cha chomasach dhuit do chunnart a
sheachnadh. Cha'n aithne dhomhsa ciod a rinn
thu a tha toilltinn a leithid so, ach 's i so toil
neo-mhearachdach an Fhreasdail. Ceadaich
dhomh earalachadh ort gu'n dean thu t-aid-
mheil ri Dia nèimhe, gu'n asluich thu maith-
eanas arson do pheacaidh, agus gràs chum
t-uUachadh fa chomhair an ath-shaoghail, oir
cha 'n 'eil ach dà là agad ri bhi sa bheatha so.
G-ed tha do chor-sa cho olc, tha aige-san tròcair
agus saorsa phailt dhoibh-san a ghairmeas air."
" Tha mi faicinn," arsa Labonah, "nach 'eil
breitheanas agus ceartas a' cadal, ach gu bheil
iad air uairibh a' deanamh greim air a chiont-
ach, 'n uair a shaoileas e bhi tèaruinte. Tha
mi, gu'n amharus, saor o gach droch rùn, a
thaobh Pharaoih. Gidheadh chuir mi corruich
air, 'nuair a chaidh mo ghlacadh gun aobhar,
agus thuirt mi gu h-obann gu'm b' fhearr leam
gu'n tachradh na chuireadh as mo leth, chum
gu'm biodh agam ni-eiginn a b' airidh air
cuibhrich agus bàs. Ach cha robh 'n so ach
frionas feirge, ged, a reir lagh na h-Eiphit, a
mheasar airidh air bàs e. Ach mo thruaighe !
ged a tha mi neo-chiontach sa chùis so, 's fhada
na thoill mi 'm bàs a tha mi nis ri f hulang.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence