Skip to main content

‹‹‹ prev (51)

(53) next ›››

(52)
48 EACHDRAIDH lOSEIPH.
air. Ceadaich dhomh, mata a bhean uasal, a
ghuidhe ort gu'n cuir thu smachd air an-togradh
neo-cheadaichte a mhilleas do mheas agus do
shuaimhneas ; ni ma bhuanaicheas tu ann a
chlaoidheas tu le agartas goirt coguis, agus bith-
idh tu buailteach do'n chunnart is mò."
"0 loseiph !" a deir cèile Photiphair, " is inn-
leachdach an naidheachd a dhealbh thu, chum
an t-urram thairgeadh dhuit a sheachnadh.
Is faoin na leth-sgeil a tha neònachas creidimh
agus deadh bheus a' dùsga suas annad, Ciod
an eucoir a bhiodh ann do d' mhaighstir. Is
leis-san mi gach àm ; ullamh a ghnà gu 'thoil-
eachadh. Cha 'n ion duinne aon eagal a bhi
oirnn, co fad 's a theid againn air a chleth. Tha
mi a rìs ag innse dhuit, a ghaoil, a loseiph, gur
toigh leam thu."
" A bhaintighearna," thuirt an t-Eabhrui'each
tha agam ann an teaghlach m' athar, a thaobh
m' aon pheathar, culaidh-brosnachaidh chum mo
chumail air m' ais o neo-ghloine a chur an
gniomh." Cluinneamaid e," a deir ise, " creid-
idh mi gur faoin-sgeul eiginn diadhachd a th'
anu a rèir na dh' aithris thu roimhe."
"Is sgeula fior a th' ann, a tha bhi cuimh-
neachadh air a' togail mòran mulaid domh a
mhaireas gu là mo chriche. Bha mo phiuthar,
gu h-òg, eireachdail, deònach air tuille de'n t-
saoghal f haicinn na chithoadh i an tigh a h-athar,
agus a chaidh chum oighreachd coimhearsnaich,
air àm san robh iad a' cumail cuirme shònruichte
mar urram do dhèe an tìre. Am measg na mòr
chuìdeachd a thainig cruinn, bha Sechem, prionnsa
nan Hibheach, agus Tamar, a phiuthar. Bha

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence