Skip to main content

‹‹‹ prev (46)

(48) next ›››

(47)
EACHDRAIDH lOSEIPH. 48
agus mo bhana-mhaiglistir a' buileachadh na h-
uiread chaoimhneis orm, air a' bheil mise neo-
airidh ; agus tha mi creidsinn gur math leo am
barrachd a nochdadh ; ach bu chòir do'n neach a
labhradh an aghaidh teistealachd mo bhana-
mhaighstir a bhi a chaoidh na thosd." " Na bi
cho cinnteach," ars ise, " tha mis' ag innse dhuit
gu bheil i 'n gaol ort, agus gur fada leatha gus am
bi cothrom aic' air 'innse dhut; ach chomhair-
lichinn dhuit an diùbhras a ghleidheadh dhuit
fein, ach glac an cothrom air thu fein agus ise
'thoileachadh." An so thainig crìoch air a
seanachas ; agus phill i chum a bhana-mhaighstir
a bha le mi-f haighidinn 'ga feitheamh.
Chuir Sirena an cèiU a seòltachd fein ; dh'
aithris i a' chainnt a bh' eadar i fein agus loseph
air a' mhodh a b' f hearr air leatha a thaitneadh
e ri toil a bana-mhaighstir ; agus thuirt i gu'm
b' ann o f haicill, 's nach b' ann o chion toil, a
ghabh e air gun a tuigsinn. Ach thuirt i a dh'
aindeoin na dh' fhaod e a dheanamh g'a chleth,
gu'm b' fhurasd a thuigsinn air gu'n robh e co
trom an gaol oirre-se 's a bha ise air-san. An
aon fhocal, a deir i, " 'Sann eadaraibh fein a's
èiginn do'n chìiis a bhith, oir tha mi faicinn gii
bheil e co faicilleach 's nach leig e fios do aon
neach ach dhuit fein. Agus cha'n fheud mi
coir' fhaotainn da, 'nuair a chi mi co mealltach
'sa tha chuid is mò de 'n t-sluagh. Tha fìos agad
nach 'eil e ach òg, 's nach 'eil e fhathast ach
aineolach air caoimhneas ar leithid-ne ; agus cò
aig a bheil fìos nach cum a nàire air ais e o ghràdh
aideachadh ; a thuilleadh, theagamh gu'm bi

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence