Skip to main content

‹‹‹ prev (39)

(41) next ›››

(40)
?6 EACHDRAIDH lOSEIPH.
san teaghlach 'nuair a dhearbh e bhi dìleas, tairis,
ni a choisinn meas da o'n teaghlach uile.
Bha Potiphar o cheann ghoirid air pòsadh
baintighearna mhaiseach a teaghlach urramach,
d' am b' ainm Sabrina, a shònraich an righ fein
da. Chum am barrachd greadhnachais a bhi
aig pòsadh a' cheannaird ainmeil so, dh'òrduich
an righ là seilge ann am fàsach Arabia, far an
d' aontaich e fein a bhi' làthair maille ri Potiphar
agus Sabrina. Cha b' fhada thog iad an
fhaothaid an uair a dhùisg iad leòghann ana-
barrach alluidh fiadhaich, aig an robh cuileanan
na gharaidh, a thug a choslas air an duine bu
chruadalaiche fuireach air 'ais. Bha 'n uile-
bheist ag amharc gu tàireil stràiceil orra, le
'shùilean a' lasadh na cheann, agus ùrla làn
greann agus gurt, gus an do thuig e gu'n robh
na gaothair ro lionmhor air a shon, an sin ghabh
e'n ruaig, agus dh'oidheirpich e tearmunn a
ghabhail ann an doire dliì goirid uaithe. Bha
Sabrina air each hiath Arabach ; a bha eòlach
air a bhi sa' bbeinn-sheilg, a dh'f hàg na coin, 's
a bha co luath ris a' ghnoith fein ; ach chuir i i
fein ann an cunnart anabarrach, ni a chuir oillt
air na sealgairean uile, ach cha b'urrainn neach
teachd suas rithe ach loseph na aonar. Bha
esan a' f àlaireachd air steud-each luath meamn-
ach a dh'fhuirich dlù d'a bhain-tighearna, agus
bu mhath dh'ise gu'n d' f huireach ; oir air dh'i
teachd dlù do'n doire, anns nach faigheadh an
leòghann dol le dlùithead, thionndaidh e gu
h-alluidh air a luchd-tòrachd. On a b'i Sabrina
a b* fhaisge dha, cha 'n 'eil ag nach tuiteadh i

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence