Skip to main content

‹‹‹ prev (31)

(33) next ›››

(32)
28 EACHDRAIDH lOSEIPH.
Gabh mo chomhairle agus bithidh gach ni gu
math.
Mu bhrise na fàire dh'f halbh iadsan a chaidh
air tòir nam Midianach chum loseph a thoirt air
'ais, ach dh'f hartlaich orra breith orra, agus phill
iad air an ais gu sgìth airsneulach gu Dotan.
Bha gach neach dubhach arson mar thachair;
bha Simeon fein deacair nach d'fhuair iad e ;
'se Keuben bu lugha iomaguin diubh, ni a chuir
ioghnadh air na bràithribh uile, a chionn gu'm
fac iad e ionnas air bàini beagan roimhe sin.
Ach 's ann a thuirt e, Leigeamaid dhinn a bhi
cumhadh loseiph, Tha'n t-òganach cràbhach air
cùram a Dhe, nach trèig am feasd am feumach na
airc. Smaointicheamaid air dòigh-eiginn a chumas
suas misneach ar n-athar fo'n trioblaid, a tha uU-
amh gu tuiteam air a cheann urramach. lacoib!
a sheann duine f hiachail, is goirt le m' chridhe do
chor. Thig tuil-bheum bròin ort 'an ùine ghearr.
Ach tha'n gealladh agad, agus cha trèig do Dhia
thu. Gu'n robh e da rìreadh am fagas duit."
" O'n a tha chùis mar so," a deir Aser, " air
leam gur h-iomchuidh dhuinn meann no uan a
mharbhadh, chum gu'n tùm sinn còta cadath
loseiph anns an f huil an dèigh dhuinn a reubadh,
agus gu'n cuir sinn e dh'ionsuidh ar n-athar, agus
is dual da a shaoilsinn gu'n do chuir leògh-
ann, no uilebheist eiginn eile as da, agus cha
bhi amharus aig' oirnne. 'S èiginn duinn an
fhìrinn 'aideachadh, no an gniomh a chleth le
ceilg. Ma dh'aidicheas sinn e bheir sinn mal-
luchd ar n-athar oirnn, agus le a chleth feudaidh
sinn a ghràdh a mhealtainn : ged tha fios aig
Dia gur beag a thoill sinn e."

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence