Skip to main content

‹‹‹ prev (30)

(32) next ›››

(31)
EACHDRAIDH lOSEIPH. 27
adh Naphtali an aire do'n f heirg a bha 'g at ann
an aodann Keubein arson cainnt Shimeoin, agus
leum e gu h-obann agus nig e air laimh air Eeu-
ben, agus ghuidh e air sgàth lacoib 'athar gu'n
caisgeadh e 'f hearg. Air dhoibh a nis fàs ciùin,
chuir iad an comhairle ri cheile cionnas a gheibh-
eadh iad a ris am bràthair caillte. Chord iad
gu'n cuireadh iad teachdairean uapa gu moch sa'
mhadainn gu dol an deigh nan Ismaeleach, agus an
luach a thug Albhah arson loseiph a thoirt dà
air ais, agus nam b'àill leis a bharrachd chum a
leigeadh air ais. 'Nuair a shocruich iad air so,
ghabh iad mu thàmh gach fear na bhùth fein.
Cha d'rinn Eeuben ach laidhe sios, 'nuair a
dhealraich glòir m'a thimchioll, agus ghairm guth
neamhaidh air air ainm, " a Eeuben, a Eeuben.
a cheud-ghin Israeil, èisd ri m' bhriathraibh, agus
thoir aire do m' chainnt. Tha thu ri bròn arson
loseiph, agus ni h-ann gun chion-f àth, le aobhar
'fhograidh a thoirt fainear. Ach tuig so, gu
bheil cùram àraidh aig a Dhia dheth, a tha maille
ris ge b'e taobh a thèid e, 'sa bheir air gach ni a
ni e soirbheachadh. G-heibh e caraid, athair
agus bràithrean ann an tìr choigrich, far an gabh
e tàmh gu tèaruinte, gus an tig a bhràithre, gun
fhios doibh, agus gu'n dean iad ùmhlachd dha
leis an iriosiachd is mò. G-heibh thu f hathast e,
a Eeuben, ann ad ghlacaibh. Agus aithnichidh
na h-uile dhaoine e mar oid'-altruim an t-sliochd
thaghta. Ach san àm cheudna, thoir an ro aire ort
fein, a Eeuben, leis a' chùis a chleth air t-athair,
air eagal gu'n dean buaireas do bhràithrean do
ghearradh as roi'n àm ; oir tha cuid diubh eòlach
air fuil a dhòrtadh, agus cha sòr iad àr dhaoine.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence