Skip to main content

‹‹‹ prev (27)

(29) next ›››

(28)
24 EACHDRAIDH lOSEIPH.
loseiph ! ach cha do f hreagair loseph ; ghlaodh
e a rìs, ach cha chual e guth. Keub e 'aodach,
agus spion e 'f halt, a' dol m'an cuairt air beul an
t-sluichd leis a' chràdh anama bu mhò, ionnas
a' miannachadh e fein a thilge 'sios ann chum am
bàs f haighinn maille ris. Fadheòidh, an uair a
sgìthich e e fein gun f heum air bith, chuimhnich
e air an aisling mu dheireadh a chunnaic loseph,
agus bha sgàth air gu'n deach' a coilionadh dir-
each mar chunnaic e i. An sin smaointich e am
feudadh mo bhràithre a chur gu bàs gu foilleil
gun a charaid a bhi san làthair. ! a bhràithre
cealgach agus gràineil ! a dhaoine cruaidh-chridh-
each agus fuilteach ! a dhòirt fuil an neo-chiont-
aich an aghaidh dearbh chùmhnanta. Air dha
bhi mar so gun fhios aige ciod a theireadh na
dheanadh e, smaointich e ann fein, gu'm b'f hearr
dha ionnsuidh gharg a thoirt air a bràithribh
agus a chlaidheamh a chur troimh chridhe gach
fir aca fa leth, agus gu'n tuiteadh e fein maille
riu. An ceart uair bha e leagta ri so a chur an
gniomh, an ath-mhionaid, chuir an spairn ghoirt
sam biodh 'athair os ceann a chloinne air an
casgradh air an doigh mhuladaich ud, cràdh mòr
air. An sin dh'èigh e, " ! athair, athair, 's
goirt a chaidh mo mhealladh ! Shaoil mi gu'm
biodh e 'am chomas caileiginn de dhìoladh a
dheanamh arson na corruich a chuir mi roimhe
ort, le mac do ghràidh a shaoradh o laimh a
bhraithre, agus a liubhairt duit gu saor slàn.
Ach mo thruaighe ! tha mi air mo mhealladh !
Tha loseph caillte ! gu tur caiUte ! Is goirt a
drùigheas e air m' athair gaolach 'nuair a chluin-
neas e nach 'eil loseph a làthair. mo loseph !

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence