Skip to main content

‹‹‹ prev (21)

(23) next ›››

(22)
18 EACHDRAIDH lOSEIPH.
bruadar na h-oidhche an raoir ur n-iochd a bhros-
nachadh." Le cead fhaghail, dh'aithris e'n ais-
ling a chunnaic e 'am bùth a' Chanàanaich, ris
an d'èisd a bhràithrean le mòr f heirg ; agus co
luath 'sa sguir e, thuirt Simeon r'a bhràithribh,
'sa shùilean air lasadh le corruich ; " 'S ann a
tha 'm bruadar so na innleachd chuilbheartaich
chum sgainnil bhuan a shocrachadh oirnne agus
air ar sliochd. Is sinne, mo bhràithre, a tha air
ar ciallachadh leis na nathraichibh millteach gu
— theagamh gur mi fein a th'air mo chiallachadh
leis an nathair a chaidh na lùbaibh mu chasan,
leis an do dhùisg e le' leithid de dh'eagal : ach
c'arson a tha sinn a' ceadachadh dha tuille bòil-
ich a dheanamh ? Cuiridh aon bhuille de m'
chlaidheamh na thosd am feasd e. A shiadaire
shanntaich ! cha dean thu tuille briodail." An so
charruing e 'chlaidheamh, agus thug e ionnsuidh
air an òganach a bhualadh ; ach ghlac ludah na
lamhaibh e, agus dh'èigh e " Stad, stad, a Shi-
meoin. Cuimhnich an gealladh a thug sinn do
Eeuben ; fuirich ris an àm a chaidh a shocrach-
adh ; agus faiceamaid ciod a' chomhairle gus an
tig e."
" ludaih !" dh'èigh loseph, " a ludaih mo
bhràthair caomh ; 's tus' esan a mholas do bhràith-
rean : Am faod dòchas a bhi agam gu'n dean
thu eadar-ghuidhe as mo leth ? Ciod uam biodh
do mhic fein Er agus Onan a'm ionadsa ? Nach
biodh do thiom-chridhe air a mhosgladh suas air
an fion ! Faic an cruaidhchas ann am airc-sa :
co'mhothaich àmhghar m' athar ann ad thriob-
laid fein : buin gu fìùghantach rium le m' shaoradh
o laimh mo bhràithrean a th' air bàini a'm' aghaidh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence